top of page

Duais Gilleasbuig Rutledge

Cassie Premo Steele

This is my disease: List

Is e seo mo ghalar

Is e seo mo ghalar: miann.
Na dìsnean anns an làimh, an anail,
an rolla. Is iad seo na comharraidhean.
Bidh mi a’ casadaich fortan.
Bidh mi a’ losgadh leis an fhiabhras
de na dh’ fhaodadh a bhith na b’ fheàrr.
Tha mi gun chadal
le comas
de aislingean.
Agus thusa, mo dhotair,
suidhe ri taobh mo leapa
agus planaichean a dhèanamh.
Bidh thu a’ sgrìobhadh bhuidseatan
dhomh a leantuinn.
Bheir thu orm pàipearan a shoidhnigeadh
agus cuir thugam iad
ann an trì-fhillte.
Chan eil dad ag obair.
Tha mi a’ diùltadh
a leigheas.
Tilgidh mi mo pheighinn uile anns an fhuaran,
agus an uairsin leum a-steach.
Bidh thu a 'tilgeil suas do làmhan.

This is my disease: Text
bottom of page